Stòr Data Cladh Hàllain, Dalabrog, Uibhist a Deas, Na h-Eileanan an Iar, Alba
Tha Cladh Hàllain ann an coimhearsnachd Dhalabroig an Uibhist a Deas, a tha aig ceann a deas nan Eileanan an Iar. Tha an t-eilean 22 mìle am fad agus tha eachdraidh bheirteach aige a thaobh croitearachd, cèol, seann òrain, sgeulachdan agus Gàidhlig. Tha a' Ghàidhlig cho làidir an seo ‘s a tha i an àite sam bith an Albainn. Tha an Cladh air a shuidheachadh air machair Dhalabroig, agus faisg air tha làrach, a chaidh a cladhach le arc-eòlaichean, a tha a' toirt fiosrachaidh air eachdraidh tuineachaidh an àite. Cho fada air ais ri 2000BC bha coimhearsnachd de thuathanaich a' togail an taighean beaga agus ag àiteach an fhearainn faisg air far a bheil Cladh Hàllain an-diugh. Bho shean, bha cleachdaidhean traidiseanta agus dualachas làidir aig na daoine a bha a'fuireach air an fhearann seo agus tha seo gu math foillaiseach fhathast.