Eachdraidh
‘Se an t-Athair Mìcheal MacDhòmhnaill, PhB, STL (1978) a thug seachad am beagan eachdraidh a leanas mu Chladh Hàllain. Tha Mgr. Mìcheal na shagart-parraiste an Eaglais Naoimh Mhìcheil, Àird Choinnich, An t-Iochdar, agus an Eaglais Naoimh Moire, Bòirnis, Uibhist a Deas ( gach aon dhiubh nam pàirt de Sgìre Eaglais Chaitligeach Earraghàidheal is nan Eilean). Tha e fiosrachail mu eachdraidh Uibhist a Deas.
“Chan eil eachdraidh Cladh Hàllain furasta a clàradh oir chan eil mòran fiosrachaidh againn mun chuspair seo. Anns na meadhain-aoisean b’ i eaglais na sgìre ‘Cille Pheadair’, suidhichte ann am baile Cille Pheadair, mar is aithne dhuinn e an-diugh. Gu cinnteach bha àite- tiodhlacaidh an cois na h-eaglaise seo ach chan eil sgeul air a-nis oir chrìon an talamh air falbh le cumhachd na mara is na gaoithe. Bhiodhte a’cleachdadh an àite-tiodhlacaidh seo suas gu toiseach na h-ochdamh linn deug agus ma dh’fhaoidhte beagan thairis air an sin. Tha sgeul ri a h-innse, agus is dòcha gu bheil I fìor, gur e sagart a bha ann a bu choireach an cladh a ghluasad gu Hàllan. Bha dragh air mu dhèidhinn na bhiodh luchd-caoidh aig na tòrraidhean ann an Cille Pheadair ag òl de dheoch làidir! Mu choinneimh far a bheil Cladh Hàllain a-nis, chun an àird an ear (pàirt de Ghearraidh Sheilidh) tha rubha ris an canar ‘Rubha an t-Sagairt’.Tha e ri ràdh gu bheil Clach Aifreinn air an rubha seo.
Feumaidh sinn cuimhneachadh, aig an àm a bha sin ( toiseach na h-ochdamh linn deug) gu robh Loch Hàllain a’ sìneadh cho fada ri Cille Pheadair agus gur e an aon frith-rathad a bha ann, frith-rathad na machrach mar a tha e an-diugh. Bhiodhte a’ cleachdadh nan lochan airson siubhail agus airson stuth a ghiùlain, agus mar sin bha e ciallach gum biodh àite far am biodhte a’cur suas aifreinn faisg air loch agus air frith-rathad.
Tha sgeulachd eile, a fhuaireadh bho Mgr. Alastair Caimbeul, sagart- parraiste Bhoirnis bho 1870 gu 1883, ag innse gu bheil Cladh Hàllain , Loch Hàllain agus Gearraidh Sheilidh (Garryhallie) air an ainmeachadh as deaghaidh sagart, Fr Hall. A’ gabhail an fhiosrachaidh seo còmhla ris a’ chloich aifreinn tha e a’ coimhead coltach gu robh sagart a’ fuireach aig àm air choreigin san àite eadar Gearraidh Sheilidh agus Hàllan.
Cha robh riamh ann ach aon shagart air a’ Mhisein Albannaich air an robh am far-ainm Hall agus b’esan Mgr. Seumas Carnegie, a shaothraich an Albainn eadar 1700 agus 1729. ‘S e Seumasach a bha ann, rinn e mòran siubhail, agus bha e ann an conaltradh ris an t-Seann Fhear-tagraidh (Old Pretender) a bha a’ còmhnaidh ann am Paris aig an àm. Bha cliù math aige agus bha meas mòr air. Chan eil e air a chlàradh gun robh e riamh an Uibhist a Deas ach dh’fhaodadh e a bhith gu robh. Gu cinnteach ghabhadh e a bhith gur e an sagart a bu choireach an t-àite-tiodhlacaidh a ghluasad gu Hàllan- an sin chumadh e sùil na bu gheura air na bha a’dol air adhart.
Air a’ mhapa sia òirlich gu mìle den àite, a chaidh fhoillseachadh ann an 1878, tha e soilleir gu bheil dà àite-tiodhlacaidh aig Hallan: ’s e a’ chiad fhear an t-seann phàirt aig ceann an ear-thuath a’chlaidh mar a tha e an-dràsta: ‘s e an dàrna fear, àite comharraichte chun an taobh an iarras mu 400 meatair air falbh, ga fhàgail timcheall air oisein an iarras den chladh mar a tha e an-diugh. Tha e coltach gu bheil an dàrna fear seo nas sine na a’ chiad fhear. Ged tha, tha e gu math coltach gu robh an t-àite timcheall Hàllain air a chleachdadh airson tiodlacaidhean mus deach ballachan cloiche a thogail. Mar sin dh’fhaodadh e bhith gu robhas a’ cleachdadh Hàllain mar àite- tiodhlacaidh cho fada air ais ri toiseach na h-ochdamh linn deug.
‘S e an t-Athair Urramach an Canan Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich BA (d.2006) nach maireann a smaoinich air na clàran tiodhlacaidh a chur ann an cruth digiteach an toiseach. Bha esan na shagart-cuideachaidh (1971-1977) agus na shagart-parraiste (1991-2006) ann an Eaglais Naoimh Pheadair. ‘S ann nuair a thill e gu Eaglais Naoimh Pheadair gu bhith na shagart-parraiste a thòisich e air an iomairt gus seo a' dhèanamh. Tha an rùn làidir a bha aige gus na clàran seo a ghleidheadh airson ginealaich ri teachd air an toirt gu buil anns an stòr-data seo.
Fad iomadach bliadhna tha am fear a tha air a bhith a' coimhead as deaghaidh a' chlaidh, Mgr. Gilleasbaig Walker, agus roimhe', athair, air a bhith gu dìleasach a'cumail chlàran mu na h-uaighean anns a' chladh. As aonais seo bhiodh an obair seo do-dhèanta.
Thug e suas ri dà bhliadhna na tha de dh'fhiosrachadh san stòr data a chruinneachadh còmhla. Tha sinn an dòchas gum bi e cuideachail dhuibh. Ma tha ceist neo beachd sam bith agaibh, fairichibh saor gus fios a chur thugainn. Chì sibh mar a nì sibh seo air an duilleig ‘Àicheadh' aig an làrach-lìn.
Airson tuilleadh fiosrachaidh eachdraidheil air Cladh Hàllain coimheadhaibh air an duilleig ‘Eachdraidh' againn.
Tha sinn fada an comain mòran a bhuineas do pharraiste Naoimh Pheadair, Dalabrog, Màthair nan Dòrainn, Gearraidh na Mònadh agus Eaglais na h-Alba, Dalabrog, airson an taic agus an cuideachaidh le bhith toirt seachad fiosrachaidh.